Air sceith na madne 's luaithe ,
Gu tuath thoir mo bhennachd bhuam
A dh-ionnsidh 'n f hir nach fuath leam
Gu uaisle, Fer Thalascair.
'S e mheudich dhomh mo ghradh ort
Do ghnaths 'dhol ri t' athairelachd ;
'S gum faic do mhuinntir fein,
Ann am dheidh-s', thu bhi mairennach.
Gheibht' at f hardich muirn is manran
'S piob da laimh ga callanach ;
Flath is feusda 's ol d'a reir sin
Aig luchd feum is aithnichen.
Bhiodh gleodhrich stop ri lionadh chorn
Is fion ga ol a serragabh ;
Re sel dhuinn air a ghleus sin
Bhiodh dith ceill air ferigainn.
Bhiodhmid mar sud, bhiodhmid mar sud,
Bhiodhmid mar sud is deimhinn leam ;
Ag ol gu trie, ag ol gu trie
Gun ol, gun mhisc, gun mherichinn
Gun scainnel bhreug ga chur an ceill,
Gun chomradh breun no ballachail ;
'S bu trie a' liubhirt phog iat
Le ro ghradh 's le carthannachd.
Fhuair thu ragha ceile
Do d' reir fein 's gur math leam sin
Ann sa bheil bechd is geire
Le ceill is le banalachd
Cha dean mi facal breige
B' e m' eudach is m' anart i
Is f had 's a rinn mi cuairt let
A gruaman cha d' f hairich mi.
Gu bheil thu glic air iomad bechd,
Chan f haod mi mhes gur h-amid thu ;
Tha thu baighail, caoimhnail, cairdail,
Tlusmhor, daimhail, carthannach.
Beud no lochd chan airim ort,
'S gur airidh bhochd is bhennachd thu ;
'S gur cridhail ri am feum' thu
Gu feusd' 'thoirt do dh-aithnichen.
Bhiodhmid mar sud, etc.
Tha mulad mor no dha orm
Tha fath dhomh "bhi geranach ;
Tha mi gun long, gun bhata,
Gun ardrich bheir thairis mi.
Nam biodh a chuis mar b' f hearr leam
'S mo chur 'san ait 'bu mhath leam 'bhi,
Gum faicinn bho thrath noine
An Domhnall sin 's lennan dhomh.
Is ann san am 's an ruiginn thall
Gun cuirinn geall 's cha chaillinn e,
'N uair rachinn suas do 'n t-seombar uachdrach
An deidh fuachd is allabain,
Gun doirtedh lamh air botuU Ian
A dh' f hagadh blath gu h-elamh mi ;
Chan f haictedh nech fo mhuig
An taigh muirnech P'er Thalascair.
Bhiodhmid mar sud, etc.
Dh' f hag mi ann san aite sin
Plannta de lenabh beg ;
'S gur trie a's smaointinn broin dhomh
A ghloir an am delachadh.
Mur h-eil breug 'nam f haistnechd
Bidh pairten a shenar ann ;
'S ma 's a duine beo e
Ni 'n seol sin fer ainnimh dheth.
Tha uaisle 'bheus a cur an ceill
TROMERO CALIMERO TRAGUDI - ΘΑΝΑΤΟΥΣ ΣΤΟΥΣ ΦΑΣΙΣΤΕΣ ,ΕΛΛΗΝΕΣ ΚΑΙ ΞΕΝΟΙ ΦΑΣΙΣΤΕΣ ΚΡΕΜΑΣΜΕΝΟΙ UM BLOGUE DE KOISAS INCOMPREENSÍVEIS PARA VER DURANTE GREVES GERAIS OU GREVES DE ZELO
Σάββατο 13 Σεπτεμβρίου 2014
FREGIRT EOIN GHAIRNELAIR DO DH-EOIN BALBHAN. LE IAIN MAC AILAIN. Mu 'n sceul so a chualas Ga luaidh air Eoin Manntach, 'S mu 'n f hregirt a f huair e Ann am bruadar a bhalbhain. Ged nach digedh le m' gheire-sa 'N tuigse threun sin a lenmhuinn. 'S feairde sceula ga threised Moran teistis is derlihidh. Chi mi 'n saoghal air chuibhlibh 'S gun e aig aon chor a fuirech ; Ach a diredh 's a ternadh Mar roth amhuiltech muilinn. Am fer a thachir 'na airde 'S e 's mo abhar gu mulad ; *S gum faod mise 'th' air teainadh 'Bhi 'na aite mun scuir e. Gu de 'n gliocas no 'n tabhachd 'Th' ann do ghairnelair eolach Craobh thorach a gharridh 'Dhol le ailghes ga 'fogradh, Gu craobh ur 'chur 'na h-aite 'S gun e mu 'nadar leth-eolach, 'S a mheud 's a gheibh e ga h-arach Sel mun tar e deagh phor dhi ? Ach an crann s' bho chionn tamuill 'Bha fo thoradh gun esbhuidh, 'S cian l)hon chraobh-scaoil a chomain Air gach comunn am Bretunn. Ged a rachadh cail dhuathair Air a chnuasachd re treise 'S mairg a loiscedh a thiomban Ris a mhuinntir a chreic e. Is beg ra' ionghnadh an dream sin 'Bha gun daimh ris ga threigsinn ; 'S gum b' e 'n abhar thun f hogradh 'Thaobh nach b'ann de 'm por fein e ; Ach Alba bheg dhona 'Bha gun onair fo 'n ghrein aic,' 'N uair a chaidh i ga 'f hagail, 'S gum b'e arach a geig e. B'e bhur ghocas 'san abhar s' Ann 'sna casanabh ceutna, A bhi carthannach, cairdail, Is mar brath'ren d'a cheile ; An righ sin 'bh' air mhairenn 'Chumail slan mar a dh' f heudtedh
Εγγραφή σε:
Σχόλια ανάρτησης (Atom)
Δεν υπάρχουν σχόλια:
Δημοσίευση σχολίου